Am Baile logo Back to the Main site
Image

Cumhachd

1. Lùth sa Ghàidhealtachd

priont an duilleag seo

Bha gual air a chladhach aig Brùra suas gu 1974 ach cha robh e riamh cudromach, ged a bha gual a bh' air a thoirt a-steach air a chleachdadh ann an einnseanan smùide anns an 19mh linn. Bha fiodh, ann an riochd gual-fhiodha, air a chleachdadh airson leaghadh iarainn. Tha fuigheall ionadan iarainn ann m.e. aig Loch Obha agus Loch Ma-Ruibhe far a bheil an t-ainm-àite An Fhùirneis ann gus an là an-diugh.

Airson greiseig bha e coimhead coltach gum b' e cumhachd niùclasach an t-slighe air adhart airson an àm ri teachd, ach tha an reactar luath-thionnsgainear pròbhail aig Dùnrath ann an Gallaibh a-nis air dùnadh.

Tha cumhachd uisge air a bhith air a chleachdadh fad iomadh linn, gu h-àraidh airson gràn a bhleith. Anmoch anns an 19mh linn chaidh uisge a chleachdadh an toiseach airson dealan a chruthachadh, m.e. aig Eas-uisge Luicheirt ann am meadhan Siorrachd Rois. Ach b' ann ri linn an fheum a bh' ann airson dealan saor gus alùmanum a leaghadh a chaidh a' chiad sgeamaichean mòra dealan-uisge a thogail aig Lochabar, Ceann Loch Lìobhann agus Foithir. Le stèidheachadh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath Alba ann an 1949, thàinig leasachadh mòr air cleachdadh cumhachd dealain-uisge. Chaidh sgeamaichean mòra dealain-uisge a thogail tarsainn na Gàidhealtachd agus thug lìon-cheangal de chrainn-dealain a' chumhachd gu deas.

Bha cumhachd gaoithe doirbh a chur gu feum agus chan eil muilnean-gaoithe traidiseanta bitheanta. An-diugh, ann a bhith a' sireadh stòrasan cumhachd a bharrachd air connadh-fosail, tha gaoth air a faicinn mar fhreagairt. Tha barrachd feum air a dhèanamh de chumhachd gaoithe airson dealan a chruthachadh. Tha tuathan-gaoithe mòra a bhios a' cur dhan Ghriod Nàiseanta air a bhith air an togail mu thràth aig Taigh an Fhuamhair ann an Siorrachd Rois agus a' Bheinn Ghlas ann an Earra-Ghàidheal. Thathar a' dealbhadh aon sgeama ana-mhòr airson Leòdhais.

Chaidh stòrasan mòra ola agus gas a lorg far a' chosta tràth anns na 1970an agus tha iad air mòran beartais agus obraichean a thoirt dhan Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Chaidh gàrraidhean-ola fhosgladh aig Rudha Airinis ann an Leòdhas agus aig Neg air Machair Rois.

An-diugh 's e a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan aon de na sgìrean cumhachd as beartaiche san Roinn Eòrpa le stòrasan mòra ola agus gas far a' chosta, pailteas mòr cumhachd dealain-uisge agus comas mòr airson cumhachd gaoithe agus tuinn.

Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Cuir crìoch air a' chlàr gu h-ìseal:-
    Seòrsa cumhachdÀite co-cheangailte ris
    ola & gasm.e. Neag air Machair Rois?
    gaoth
    uisge
    niùclasach
  2. Dè an stòras cumhachd as soirbheachaile th' air a bhith air Ghàidhealtachd gu ruige seo?
2. Dam Bhathaich, Gairbh