Am Baile logo Back to the Main site

Ceàirdean na Gàidhealtachd

Ro-ràdh

"Every man is Jack-of-all-trades... the want of regular tradesmen and mechanics is but little felt"
- F.M. Eden, State of the Poor 1797, Vol. 1

'A Jack-of-all-trades and master of none'? Chan ann mar sin a tha cùisean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha sin ri fhaicinn anns na seann taighean croite. Sèididh na stoirmean ach 's gann sglèat a dh'fhalbhas leis a' ghaoith. Tha an lìnigeadh fiodha a bh' annta o thùs fhathast ri fhaicinn am broinn mòran dhiubh. Bha uisge agus dealan air an cur a-steach ro dheireadh an 20mh linn. Air am peantadh 's air an sgeadachadh a-muigh 's a-staigh, tha na taighean nan seasamh cuimir sgiobalta air na croitean. Ach bhiodh a' mhòr-chuid den obair air a dèanamh le na croitearan fhèin.

'Nì airc innleachd'. 'S e seo seanfhacal eile agus 's math dh'fhaodte gu bheil am fear seo fìor. Ann an sgìrean iomallach is beag a th' ann de luchd-ciùird airson do chuideachadh 's tu ann an èiginn, ma tha gin idir ann. Ma tha obair ri dhèanamh, feumaidh an croitear fhèin a dhèanamh, ge brith dè th' ann, saorsainneachd, plumaireachd, dealanachd no peantadh. Agus an rud a tha fìor mu na fireannaich, tha e cheart cho fìor mu na boireannaich

Clàr-ìnnse

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

RANNSAICH CUSPAIREAN EILE

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

Main picture