Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

How to use this site

Tain Charter, 1529

Cuideachadh le Audio & Bhidio

Tha mòran phìosan audio agus bhidio air làrach A' Bhaile. Airson na pìosan sin a chluinntinn no fhaicinn, feumaidh Windows Media player (dreach 6.4 no nas ùire) a bhith air an inneal agad.

Tha seo air a' chuid as motha de choimpiutairean ùra. Mura bheil e air an inneal agad, no ma tha thu ag iarraidh dreach nas ùire, faodaidh tu sin a dhèanamh on làrach-lìn aig Microsoft.

Seach gu bheil còdadh agus cluiche audio is bhidio an còmhnaidh ag atharrachadh, 's dòcha gum feum thu CODEC ùr a luchdachadh a nuas o làrach-lìn Microsoft- tha seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e a'cluich aig an ìre as fheàrr a ghabhas – tachraidh seo leis fhèin nuair a bhios feum air.

Tha càileachd nam pìosan audio agus bhidio air an làraich air an dealbh gus gum bi a' chàileachd as fheàrr aig a' bhann-leud as isle. Tha dà dhreach dhiubh ann a tha freagarrach airson ceangal Eadar-lìn LUATH no MALL.

Tòisichidh na dreachan LUATH (sruthach) a'cluich mus bi a h-uile càil air a luchdachadh a nuas, ach feumaidh an an dreach MALL (a ghabhas a luchdachadh a nuas) a bhith air a luchdachadh a nuas gu lèir mus tòisich e a'cluich.

Chaidh na bhidiothan a chòdach aig 192Kbps. Tha seo a' ciallachadh gum feum ceangal luath air bann leathainn a bhith agad ris an eadar-lìon mus sruth iad gu math.

bhidio a shruthachadh
Dealbh 1. - Putain roghainn LUATH no MALL Bhidio

Tha na dreachan sruthach a' cleachdadh URLs mar mms://212.53.85.159:8080/323/32389.wmv. Tha "mms://" aig an toiseach a' sealltainn gu bheil e a'dol a chleachdadh Media Streaming protocol Microsoft agus tha ":8080" a'ciallachadh gum bu chòir dha port 8080 a chleachdadh. Seach nach eil na dòighean inntrigidh seo buileach àbhaisteach, dh'fhaodadh duilgheadas a bhith aig cuid leotha – gu h-àraidh ma tha thu a' feuchainn ri faighinn chun na làraich bho lìonradh corporra a tha air a dhìon le balla teine pearsanta. Feumaidh tu bhith cinnteach gu bheil an rian-coimpiutair gu h-àrd air a cheadachadh. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu rian nam ballachan teine ri fhaotainn o Làrach Taic Microsoft - artaigil 189416.

Cuimhnich nach eil cuid de na seann bhrobhsairean m.e. Netscape 4 agus dreachan airson Macintosh ag aithneachadh mms protocol, agus bu chòir dhut am brobhsair agad ùrachadh no an dreach a ghabhas a luchdachadh a nuas dhen bhidio a chleachdadh.

Ma bhios àmhghair agad, no ma dh'fheumas tu am bathar bog agad ùrachadh, theirig gu làrach-lìn Microsoft airson fuasgladh.

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village