Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

A' cleachdadh an larach-lìn

Taylor's Garage, Invergordon

Mar a dh'fhaodar leth-bhreac de dheilbh A' Bhaile a Cheannach

Tha e comasach leth-bhreac de dh'iomadh dealbh sa Bhaile a cheannach. Thèid an reic anns a' chumantas airson rannsachaidh phearsanta. Tha e comasach dealbh fhaighinn ann am meud sam bith.

Chan eil e comasach an ceannach a dhèanamh air an làrach-lìn, ach gheibhear fios mu chosgaisean agus mun dòigh air am faighinn air a' phost-dealain gu h-ìseal.

Mus tèid fiosrachadh iarraidh air post-dealain bu chòir deànamh cinnteach gu bheil fios dè an cruinneachadh às an tàinig an dealbh/no an ìomhaigh. Tha ainm an ùghdair/ neach deilbh ri taobh gach ìomhaigh. Bheir seo dhut an t-ainm agus an àireamh a bu chòir a chur san iarrtas sa phost-dealain.

Urras Taigh Chearsabhagh thathas a' tabhann bathair agus tha barrachd fiosrachaidh air www.taigh-chearsabhagh.org. Faodar fiosrachadh mu chruinneachadh Taigh Chearsabhagh, leth-bhreacan agus còirichean dlighe-sgrìobhaidh fhaighinn bho admin@taigh-chearsabhagh.org.

Ma tha sibh ag iarraidh deilbh à cruinneachadh Cook, Whyte no Nairn, tha fiosrachadh air ceannach, cosgaisean, ath-chruthachadh agus dlighe sgrìobhaidh rim faighinn bho lesley.junor@highland.gov.uk.

Mas ann à cruinneachadh Macpherson a thàinig an dealbh tha fiosrachadh air ceannach, cosgaisean, ath-chruthachadh agus dlighe sgrìobhaidh rim faighinn bho Anne MacLeod no Alison Beaton.

Aig an ìre seo chaneil e comasach dhuinn leth-bhreacan de nithean eile ann an stòras A' Bhaile a thoirt seachad. Ach bhiodh ùidh againn nam biodh iarrtas ann air a shon. Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air nithean a tha sa chruinneachadh againn nach eil air an ainmeachadh an seo cuir fios gu ambaile@highland.gov.uk neo fòn 01463 251274.

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village