
Comaigean
Tha bun-stòiridh aig cuid de na geamannan a ghabhas fhaicinn sna Comaigean a tha cuideachd rin lorg anns an roinn Spòrs agus Geamannan aig 'Am Baile'. Ma tha comaig ceangailte mar seo ann, tha an t-ainm air a sgrìobhadh ann an cromagan fon tiotal. Ma choimheadas sibh seo an toiseach 's dòcha gun còrd an geama ruibh barrachd.
Sgòr Phuingean
Tha a' chuid as motha de na geamannan a' toirt seachad phuingean airson freagairtean ceart.
Ceann-ùine
Tha uibhir ùine airson gach geama a chluich – nuair a bhios sin seachad thig bogsa-beò 'Sgòr' suas air an sgrìon. Gabhaidh an geama tòiseachadh às ùr le bhith a' gliogadh.
Freagairtean
Mar a dh'fheumas a h-uile coimpiutair, feumaidh gach freagairt a bhith am measg an fheadhainn a chaidh a chur dhan phrògram aig a' gheama. Dh'fheuch sinn ri beagan dhiofar fhreagairtean a leigeil troimhe, ach gun teagamh thig cuideigin le freagairt ceart nach eil a' maidseadh dha na freagairtean ceadaichte. Bi foighidneach - agus feuch dòigh eile, air neo fuirich ach am faic thu am freagairt 'ceart' a thig suas (cha toirear ach aon stoighle air an sgrìon) agus lean an stoighle a tha sin.
A' Leughadh Riaghailtean
Feumaidh an leughadh seo a bhith air a dhèanamh gus am faigh sibh an rud as fheàrr às na geamannan agus gus nach fhàs sibh sàraichte – ach, 's dòcha gun gabh cuid de chluicheadairean (gu h-àraid clann nas òige) rathad nas socaire – Cluich is Faic! 'S dòcha gun obraich seo meadhanach math – gu h-àraid ann an àireamh de gheamannan far nach eil barrachd Amasan Cànain ann as dèidh nan riaghailtean.
Riaghailtean
Tha 2 no 3 bogsaichean taice anns a h-uile geama, a' sealltainn 'Ciamar a Chluicheas', 'Facail' agus uaireannan 'Gràmar'. Thèid puingean a chall bhon sgòr mar is àbhaist nuair a thèid na bogsaichean Facail/Gràmar am fosgladh. Dh'fheuch sinn ri brìgh nam bogsaichean seo a chumail rianail agus ceangailte ri feuman gach geama gus nach bi iad ro thomaideach.
Amasan Cànain Gàidhlig:
air an clàradh am broinn an seata seo de Notaichean a' sealltainn na tha sna geamannan, a tha cuideachd a' toirt seachad:
Ìreannan Duilgheadas Cànain:
Beagan stiùiridh bho 1 (as fhasa) gu 3 (as duilghe) a thaobh obair cànain.
|
Tiotal a' Gheama (Comaig da rèir) |
Sgilean Choimpiutair/ eile |
Amasan Cànain |
Ire Cànain |
|---|---|---|---|
|
Make Tartan |
Lean riaghailtean |
Neonì |
0 |
|
Seven Sins |
Gliog air rud tha 'gluasad. |
Neonì |
0 |
|
Mole Bash |
Gliog air rud tha 'gluasad. Co-oibreachadh sùil/làmh. |
Neonì |
0 |
|
Piggy Grand Prix |
Gliog gu sgileil air targaid a' gluasad |
Neonì |
0 |
|
Moose's Colour Game |
Gliog agus Dragh |
Neonì |
0 |
|
Cat's Bananas |
Taip am freagairt, a' taghadh 's ag ath-sgrìobhadh ceart bho liosta. |
Is toil/ Is fheàrr |
1 |
|
Finn's Missing Word |
Gliog air litrichean. |
Litreachadh de dh'fhacail furasta |
1 |
|
Witch's Word Bubbles |
Tagh, Gliog is Dragh. |
Òrdugh fhaclan ann an santans sìmplidh |
1 |
|
Seeing & Doing |
Faic gluasadan agus maids facal is gnìomh. |
Tràth Làthaireach dhen ghnìomhair a bhith agus gnìomhairean
sìmplidh de ghluasad. |
1 |
|
Five Letter Words |
Faic is Ainmich rudan |
Litreachadh |
1 |
|
Catch the Monster Midge |
Gliog is dragh air a' chuileig airson a cur a-mach às an uinneig. |
Leugh is cluinn (ma thogras). |
1 |
|
Càit a bheil a' Mheanbh-chuileag Mhòr Where is the Monster Midge |
Gliog air àiteachan san rùm gus a' chuileag a lorg. |
Leugh is cluinn (ma thogras) ceistean "A bheil... agus "An ann.........? (agus abairtean àite) agus na freagairtean. |
1 |
|
The Seeing Stone |
Coimhead air rud a tha a' fàs & aithnich e. |
Ionnsaich ainmearan/rudan Gàidhlig furasta. |
1 |
|
Fraoch Stories |
Gliog gus pìos sgrìobhadh a thaghadh. |
Leugh is Tuig. |
1/2 |
|
Doing Many Things |
Ath-sgrìobh ceart bho liosta. |
Gnìomhairean an cruth a' (seinn) leis a' ghnìomhair a bhith a-nis, seachad & teachdail |
1/2 |
|
Hedgehog Panic |
Co-oibreachadh sùil/làmh aig astar. |
Litreachadh de dh'fhacail furasta |
1/2 |
|
Here & There |
Taidhp a-steach facail. |
Seo/ Sin. |
1/2 |
|
Christmas Presents |
Mothaich cò tha a' bruidhinn. |
Cruthan làidir de 'dhomhsa etc & leamsa etc' air liosta air an sgrìon. Gliog air an fhear cheart. |
1/2 |
|
Càite Bheil an t-Uisge Beatha? Where's the Whisky? |
Leugh ceist sa Ghàidhlig air gach sgrìon. Gliog air freagairt bho liosta tuiteam-sìos. |
Gnìomhair 'Thig' sa h-uile tràth. |
1/2 |
|
What's the Weather Like? |
Coimhead air an sgrìon is faic mar a tha an aimsir. |
Cleachd dà sheòrsa de sheantans: Tha .(ainmear/ceò)...ann & Tha e/i .. (adjective/ceòthach). |
1/2/3 |
|
What Do You Look Like? |
Gliog air ceàrnag. |
Tuairisgeul de choltas - ceann, aodann, aodach amhaich. |
2 |
|
Mine & Yours |
Tagh abairt cheart fon bhogsa-tuiteam |
S ann/ Chan ann |
2 |
|
Finding Baby Uruisk |
Tagh bho liosta. |
Litreachadh |
2 |
|
A' Mhàgag Dhubh aig MacIcAilein Black Toad of Clanranald |
Gliog & Dragh. |
Leugh is Tuig abairtean. |
2 |
|
Rabbits & Hunters |
A' cunntadh. |
Àireamhan de rudan (rabaidean) is de dhaoine (sealgairean). |
2 |
|
Gaelic Place Names |
Maids dealbh is facail mu thalamh. |
Facail mu chomharran dùtchcha. |
2 |
|
Bigger Better |
Taip facail gu ceart |
Buadhairean Coimeasach agus Sàr-choimeasach (m.e. beag, nas lugha, as lugha) |
2 |
|
Where do they Live? |
Maids daoine, rudan etc ris an dachaigh aca. |
A bheil...? Am bi....?An e....? An ann....? Freagair na ceistean seo mar bu chòir. |
2 |
|
Do the Housework! |
Coimhead an comharra gus an dèan no NACH dèan thu rudeigin. |
Eòlas-facail mu obair-taighe. |
2 |
|
Spring Cleaning |
Lean fios nam putan Fir/boir/iolra. |
ga /ga h- / gan /gam (ra chleachdadh ceart). |
2 |
|
Phone Home |
Leugh ceist is faic bhon t-seòrsa deilbh an e freagairt 'seadh' no 'chan eadh' a bhios ann. |
Freagair ceist leis a' ghnìomhair san tràth is sa chruth cheart. |
2 |
|
Lighthouse Tales |
Rannsaich am broinn deilbh. |
Dèan stòiridh, a' taghadh bho liosta de thachartasan. |
2/3 |
|
Boy Wizard |
Taip santansan. |
An gabh? Gabhaidh/cha ghabh Ainmean bheathaichean agus Suidheachadh Ceangailte '...dreach nathrach' |
2/3 |
|
Doing a Good Job |
Taip na taghaidhean. |
Dreuchdan obrach |
2/3 |
|
Lady of Lawers |
Coimhead air na fàisneachdan a' tighinn gu buil (Faic an saoghal a' tighinn gu crìch ma tha thu
uile ceart san ùine). |
Còmhradh Neo-dhìreach (mar as trice 'thuirt' san tràth sheachad + teachdail). |
2/3 |
|
Wizard's Apprentice |
Leugh is faic an e òrdugh dìreach no modhail a th' ann. |
Freagair le 1. 'Nì mi sin' air neo |
2/3 |
|
Zombie Rockpool |
Gliog is Dragh. |
Pàirtean (buill) a' chuirp. |
3 |
|
Family Photos |
Coimhead/aithnich duine san dealbh & duine a' soillseadh, is an càirdeas eatorra
(abairt 3s duine – 'S e sin a mhac, etc). |
Ainmearan teaghlaich (air an sgrìon) athair, màthair, etc. |
3 |
|
The Minister and the Fairy |
Tagh dè nì thu le gliogadh air bogsa deilbh. |
Thoir òrdugh, dàimheil (min. gu ban-shìdh) no modhail (ban-shìdh gu ministear) :
Suidh/suidhibh; seinn/seinnibh etc. Ma bhios iad feargach, cleachd: Am b' urrainn dhut/dhuibh....;
An deigheadh sibh...; An suidh thu....etc (nas modhaile). |
3 |
|
Take That |
Coimhead air na h-aodainnean air an sgrìon is feuch an dèan thu mach dè tha a' tachairt: cò
tha a' faighinn
is cò tha a' toirt seachad. |
Ceist & Freagairt: Gnìomhair 'Thoir' ann an tràthan Làthaireil /Seachadail/ Teachdail. Riochdairean roimhearach leam/dhiot/dhaibh etc ann an liosta gus taghadh le gliogadh. |
3 |
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2008 Am Baile/The Gaelic Village